iGàidhlig
banner
igaidhlig.bsky.social
iGàidhlig
@igaidhlig.bsky.social
Am Faclair Beag, teicneolas is coimpiutaireachd Gàidhlig, taic is naidheachdan mu an dèidhinn.
http://www.igaidhlig.nethttps://www.faclair.com
Tha iGàidhlig ag obair a chum leasachadh teicneolas na Gàidhlig agus tha e ’na charthannas (SCIO/SC045374
Tha duilgheadasan aig an fhaclair, chan eil sinn buileach cinnteach dè tha ceàrr an turas seo. Dh'fhaodte gum bi sinn greis ga chàradh, glè dhuilich. Tha learngaelic.scot/dictionary ri làimh san eadar-àm.
September 16, 2026 at 3:14 PM
Tha duilgheadas aig an Fhaclair Bheag an-dràsta fhèin, bidh sinn air ais cho luath 's a ghabhas. A rèir coltais, ged a tha autorenew againn, dhìochuimhnich na bleigeardan an àrainn againn ath-nuadhachadh...
May 15, 2026 at 11:25 AM
Tha na mapaichean air ais, taing do Chatrìona agus @openstreetmap.bsky.social ❤️ soraidh slàn leis an fheadhainn ud a thòisicheas leis an litir G... dubh-bhleigeardan
March 5, 2026 at 11:34 PM
Tha do charaid, tha iad air ais gu ìre, feumaidh sinn rudeigin a chur ceart airson 's gum faicear leacagan a' mhapa ach fhad 's a thathar leth-eòlach air mapa na h-Alba, bheir e co-dhiù nòisean dhut aig an ìre-sa
March 4, 2026 at 5:02 PM
Glè dhuilich ach tha na mapaichean dheth. Bhuail cus bot farms orra am bliadhna agus tha Google a-nis ag iarraidh suim mhòr airgid oirnn. Tha sinn a' tagradh na aghaidh ach bheir sin ùine. Ag obair air fuasgladh eile ach aig an ìre-sa, chan urrainn dhuinn innse idir cuin a bhios iad air ais. 😭
February 28, 2026 at 12:36 PM
Tha am Faclair air ais - tha am brath 'ud' air ais air na mapaichean <osna> Google...
July 9, 2025 at 3:38 PM
Tha am faclair shìos, brute force attack air choireigin, tha sinn ag obair air, duilich
July 9, 2025 at 12:34 PM
Tha fios againn nach eil na mapaichean aig an Fhaclair Bheag ag obair an-dràsta fhèin. Glè dhuilich, bidh sinn air ais cho luath 's a ghabhas.
June 19, 2025 at 9:31 AM
Ok, ràinig e air Android, chan eil iPhone agam, an toir cuideigin sùil? 🙏 Briog air ≡ is an uair sin Settings » Languages agus tha Gàidhlig san liosta (fon litir G, chan ann fo S(cots Gaelic)) agus sin agaibh e!
March 10, 2025 at 7:29 PM
Ma tha sibh a' cleachdadh OS no brabhsair Gàidhlig (Firefox, Vivaldi no Edge), nochdaidh Bluesky ann an Gàidhlig leis fhèin. Air mobile, feumaidh sinn feitheamh gus am bi tionndadh 1.99 sna h-app stores, cumaidh mi fios ribh!
March 10, 2025 at 7:18 PM
@libreoffice.bsky.social
is there a problem with the localization site? All I've been getting for a few days is the below error message when I try to access translations.documentfoundation.org
February 21, 2025 at 9:55 AM
Ok, tha am faclair ag obair a-rithist. Thachair dà mhaoim aig an aon àm, ionnsaigh le frithealaiche às an t-Sìn agus Microsoft a' feuchainn ri cus rudan a dhèanamh aig an aon àm. Dhiamh... Mòran taing airson a bhith cho foighidneach! ❤️
January 22, 2025 at 3:59 PM
Tha sinn air ais, sort of, tha e caran slaodach fhathast ach nas fheàrr na bha e an-dè. Ag obair air. 🙇
January 22, 2025 at 9:57 AM
B' fheudar dhuinn stòr-dàta an fhaclair a chur dheth an-dràsta fhèin. Tha sinn an dòchas gum bi sinn air ais madainn a-màireach. Glè dhuilich ach ... Microsoft, cha chan mi an còrr...

Had to turn the Faclair Beag database off right now, hopefully back tomorrow morning. Microsoft, nuff said ...
January 21, 2025 at 10:11 PM
Tha am Faclair Beag air ais agus tha sinn an dòchas nach till an duilgheadas àraidh seo fhèin!
November 15, 2023 at 11:02 PM
Tha fhios againn gu bheil duilgheadasan aig an fhaclair, tha sinn ag obair air, duilich!
November 15, 2023 at 9:43 AM
Tha DASG air ais, nach math an naidheachd! dasg.ac.uk/gd #Gàidhlig
September 30, 2023 at 11:45 AM
Tha gach rud ag obair mar bu chòir san Fhaclair Bheag an-diugh, is bradan toilichte mi 😄
September 30, 2023 at 11:34 AM